Bha beagan fìona agus spòirs againn a-raoir leis a’ chiad tachartas na bliadhna. Gu mì-fhòrtanach, dhìochuimhnich am fear-togail-dhealbh againn an càmara aige is mar sin feumaidh an teagsa goirid seo fhòghnadh airson innse dè bha a’ tachairt ann.

Thòisich Fiona le fàilte chridheil a chur air dhaibhsan a bha an làthair – agus bha tòrr ann. Rinn Fiona geàrr-chunntas air air na tha romhainn am-bliadhna-sa agus chuir sinn beagan ris an fheasgar le bhith a’ toirt taisbeanadh air an Taigh seachad. Bha sinn a-mach air pròiseact pod-chraolaidh agus na bhios sinn a’ dèanamh aig an Taigh. Gu foirmeil, ‘s e cur-air-bhog na làraich a bh’ ann an oidhche, ged a tha i air a bhith againn airson grèis, tha i oifigeach a-nise.

Seo an taisbeanadh a rinn sinn, ma tha ùidh agaibh ann. Beachdan sam bith – nach cuir sibh fios.

 

Fàg freagairt

Your email address will not be published. Required fields are marked *

You may use these HTML tags and attributes: <a href="" title=""> <abbr title=""> <acronym title=""> <b> <blockquote cite=""> <cite> <code> <del datetime=""> <em> <i> <q cite=""> <strike> <strong>