Cuirm-ciùil Oilthigh Ghlaschu aig Celtic Connections!
‘S e oidhche air leth a bh’ againn aig an CCA ann an Glaschu Diardaoin sa chaidh. Bha Oileanaich Oilthigh Ghlaschu cuide ri còmhlan Askolenn (“Cluaran” anns a’ Bhreatanais) a thoirt cuirm-ciùil seachad mar phàirt de dh’fhèis ainmeil ciùil tradaiseanta Celtic Connections.
Bha tòrr a’ tachairt air an oidhche ach seo na h-òrain mar a tha iad nar cuimhne:
- Stephanie – ‘S toigh leam cruinneag dhonn nam bò
- Josie – Bheir soraidh soraidh bhuam
- Robert & Ali – Och horo ‘ille dhuinn
- Comataidh a’ Chomuinn Oiseanaich – Òrain a’ Chomuinn
- Shona & Kerr – Iodhlann Dubh Waltz
- Nigheanan & Askolenn – Puirt a beul
- Luchd-ciùil uile – Set foinn
Chaidh munntir Taigh na Gàidhlig gu CCA ro làimh airson beagan clàraidh a dhèanamh airson pod-chraolaidh againn mu dheidhinn an tachartais. Bha sinn trang aig an sound check, a’ cruinneachadh fhuaimean agus a’ togail dealbhan.
A-nis, tha sinn ag obair air am pod-chraoladh a tharraing ri chèile.
A bheil ùidh agaibh anns na h-òrain? B’ fheàrr leibh gu robh sibh ann? A rèir choltais, bidh bhideo dhen chuirm-ciùil ann ri fhaighinn. Leigidh sinn fios nuair a nochdas e.





