Anns a’ chiad phod-chraoladh bho Latha Dhreuchdan Oilthigh Ghlaschu, tha Màiri agus Coinneach a’ bruidhinn ri iomadach riochdaire à buidhneanan Gàidhlig a bha aig an tachartas. ‘S e latha air leth fiosrachail a bh’ ann, le taisbeanaidhean ‘s Fèill Dhreuchdan airson fiosrachadh a thoirt do dh’oileanaich mu cothroman obrach Gàidhlig. Ma tha ùidh agaibh idir ann a bhith ag obair ann an saoghal na Gàidhlig nuair a cheumnaicheas sibh, b’ fhiach èisteachd ris na th’ aca ri ràdh. Bidh trì podan-craolaidh anns an t-sreath seo, anns an ath tè cluinnidh sibh taisbeanadh bho Dhòmhnaill MhichNèill à Comunn na Gàidhlig.

Latha Dhreuchdan 2012 – Clàr-ama

Na h-agallamhan:

  1. Ciorstaidh M. Stiùbhart – Clàran Nàiseanta na h-Alba
    www.carmichaelwatson.lib.ed.ac.uk
    https://twitter.com/#!/Coll97CW 
  2. Rhona NicDhùghaill – Ùlpan
    www.ulpan.co.uk 
  3. Màiri NicCuis
    www.gaelicbooks.org 
  4. Maureen NicLeòid – BBC
    www.bbc.co.uk/careers 

 

Ceòl bho oileanaich Oilthigh Ghlaschu aig cuirm Celtic Connections 2012.

 

 

Fàg freagairt

Your email address will not be published. Required fields are marked *

You may use these HTML tags and attributes: <a href="" title=""> <abbr title=""> <acronym title=""> <b> <blockquote cite=""> <cite> <code> <del datetime=""> <em> <i> <q cite=""> <strike> <strong>