Cùisean neo-eisimeileachd tro shùilean cèine
Is mise Wojtek agus ‘s ann às a’ Phòlainn a tha mi. Tha mi air a bhith a’ fuireach ann an Alba fad corra bhliadhna a-nis, ach chan eil mi cho eòlach air cùisean na dùthcha ‘s a bu chòir dhomh a bhith. Gu sònraichte, ‘s e cùisean neo-eisimeileachd na h-Alba nach eil mòran fios agam orra. O chionn greise, chunnaic mi oileanaich nàiseantach a ruith referendum neo-eisimeileachd mar dheuchainn agus chuir mi mo bhòta a-steach, ach gun mòran eòlais dè a’ chiall a bh’ air. Ghabh mi ùidh anns a’ chùis ge-tà.
Mar Phòlannach, gu nàdarra, tha mi a’ toirt taic do bheachd neo-eisimeileachd, ach feumaidh mi aideachadh gu bheil an suidheachadh ann am Breatainn gam chur tro chèile beagan. Chan eil sgàradh cho soilleir, airson shùilean cèine, eadar a’ mhòr-chuid dhen bheatha ann an dìofar phàirtean na dùthcha, chan eil na eadar-dhealachaidhean uabhasach fhèin mòr. Ach is cinnteach gu bheil gu leòr aogasan nach eil mi a’ faicinn ann, is mar sin, chuir mi cuireadh air Calum MacLeòid, Ceannart Comann nan Oileanach Nàiseantach, Oilthigh Ghlaschu.
Dh’aontaich Calum corra cheist agam fhreagairt. Chan robh mi feuchainn còmhradh “airson no an aghaidh” na neo-eisimeileachd fhaighinn ach dìreach barrachd bheachdan air a’ chùis. Tha am pod-chraoladh a chlàraich sinn fad ‘s a bha sinn a’ bruidhinn agus ag òl tè ri fhaighinn shìos.
B’ fheàrr leam barrachd eòlas bhon taobh eile dhen argamaid fhaighinn cuideachd ge-tà! Mura eil thu airson ‘s gum bi sgàradh ann eadar Alba agus a’ chòrr dhen Rìoghachd Aonaichte, carson nach tèid thu bruidhinn ruim mar phàirt dhen sreath phod-chraolaidhean againn an-seo aig Taigh na Gàidhlig?
Podcast: Play in new window | Download





