Aig deireadh gach bliadhna bidh Duais na Gàidhlig air a thoirt do dhaoine a rinn oidhirp shònraichte airson a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh aig an Oilthigh agus sa choimhearsnachd. Am-bliadhna, ‘s e Shona Masson agus Coinneach   Mac a’ Ghobhainn a bhuannaich i. Bha Shona na ceannard a’ Choimuinn Oiseanaich. Am measg grunn rudan eile, bha i os cionn eagrachadh dìnnear airson comharrachadh 180 bliadhna bhon a chaidh an Comunn a stèidheachadh, tachartas air leth mòr agus soirbheachail. Bha Coinneach gu mòr an sàs ann an iomairt Ghàidhlig aig an Oilthigh agus iomadh pròiseact eile, mar Taigh na Gàidhlig, pod-chraoladh, obair anns an rèidio, cleasachd aig oidhche comadaidh… tha an liosta fada gu dearbh.

Fhuair cuideachd Alison Buchanan, Alasdair Whyte, Susan Bell agus Wojtek Dziejma molaidhean airson obair a rinn iad aig an Oilthigh agus air taobh a-muigh.

B’ e an oidhche an tachartas mòr oifigeil mu dheireadh am-bliadhna, ach chan eil an iomairt a’ dèanamh maille idir. Tha sinn a’ sìreadh oileanaich airson a bhith a’ fuireach ann an Taigh na Gàidhlig an ath bhliadhna. Ma tha ùidh agaibh, no ‘s aithne dhuibh cuideigin aig am biodh ùidh ann, nach tèid sibh ann an conaltradh ri Fiona.

 

Fàg freagairt

Your email address will not be published. Required fields are marked *

You may use these HTML tags and attributes: <a href="" title=""> <abbr title=""> <acronym title=""> <b> <blockquote cite=""> <cite> <code> <del datetime=""> <em> <i> <q cite=""> <strike> <strong>