WordPress ri fhaighinn sa Ghàidhlig!
Chaidh eadar-theangachadh de WordPress gu Gàidhlig fhoillseachadh o chionn ghoirid, agus tha an làrach seo ga chleachdadh a-nis.
‘S e deagh naidheachda a tha seo airson gach blogair a bha ag iarraidh ag obair gu tùr tro mheadhan na Gàidhlig. Tha an dà chuir an deas-bhòrd (am pàirt airson rianachd) agus an eadar-aghaidh ri fhaighinn sa chànain.
Tha e furasta blog Gàidhlig a stèidhicheadh a-nis aig http://gd.wordpress.com/#!/fresh/ - saor an asgaidh! No ma tha sibh airson blog a chur suas leibh fhèin, tha làrach taisbeanaidh ann aig http://gd.wordpress.org/ far am faighear na faidhlichean tùsail.
Taing do Mhìcheal agus do luchd-pàirteachaidh eile airson na h-obrach a rinn iad!






